|


Kaliteli Siteler
|
Capercaillie - An Eala Bhan Şarkı Sözleri
Capercaillie
| Şarkı Sözleri
gur duilich leam mar tha mi ´s mo chridhe ´n sas aig bron bhon an uair a dh´fhag mi beanntan ard a´ cheo gleanntannan a´mhanrain nan loch, nam bagh ´s nan srom ´s an eala bhan tha tamh ann gach la air ´m bheil mi ´n toir.
a mhagaidh na bi tursach a ruin, ged gheibhinn bas- co am fear am measg an t-sluaigh a mhaireas buan gu brath? chan eil sinn uile ach air chuairt mar dhithein buaile fas bheir siantannan na blianna sios ´s nach tog a´ ghrian an aird.
tha ´n talamh leir mun cuairt dhiom ´na mheallan suas ´s na neoil; aig na ´shells a´ bualadh - cha leir dhomh bhuam le ceo: gun chlaisneachd aig mo chluasan le fuaim a´ ghunna mhoir; ach ged tha ´n uair seo cruaidh orm tha mo smuaintean air nicleoid.
air m´ uilinn anns na truinnsichean tha m´ inntinn ort, a ghraidh; nam chadal bidh mi a´ bruadar ort cha dualach dhomh bhith slan; tha m´ aigne air a lionadh le cianalas cho lan ´s a´ghruag a dh´fhas cho ruadh orm a nis air thuar bhith ban
oidhche mhath leat fhein, a ruin nad leabaidh chubhraidh bhlath; cadal samhach air a chul do dhusgadh sunndach slan tha mise ´n seo ´s an truinnsidh fhuar ´s nam chluasan fuaim bhais gun duil ri faighinn as le buaidh - tha ´n cuan cho buan ri shnamh.
|
|
|